You are in: Home › Registration › Sgaoileadh Fiosrachadh Claradh Bais ›
Chaidh co-phàipear co-chomhairleachaidh ‘Sgaoileadh Fiosrachadh Clàradh Bàis’ (234 Kb pdf)fhoillseachadh leis an Àrd-Luchd-Clàraidh airson Sasainn ’s na Cuimrigh, Èirinn a Tuath agus Alba. Tha an sgrìobhainn seo a’ cur an cèill mholaidhean airson co-sgeama airson fiosrachadh clàradh bàis a sgaoileadh gus cuideachadh le bhith a’ bacadh, ag aithneachadh, a’ sgrùdadh no a’ cur casaid às leth eucoirean.
Bhiodh sgaoileadh fiosrachaidh mu chlàradh bàis ann an deagh àm na chuideachadh don phoileas, do bhuidhnean cur an gnìomh lagha eile, agus do bhuidhnean na roinne poblaich ’s prìobhaidich gu bhith a’ dèiligeadh ri eucoirean ’s ag aithneachadh oidhirpean air foill le eucoirich a tha a’ cleachdadh mion-fhiosrachadh pearsanta an neach a chaochail. Tha Foill Dhearbh-Aithne, de bheil foill Atharrais Neach a Chaochail (ANC) na seòrsa, a’ cosg còrr is £1 billean sa bhliadhna do dh’eaconamaidh na RA.
Ma leanas tu na ceanglaichean gu h-ìseal thig thu dìreach chun an fhios-naidheachd ’s a’ phàipeir cho-chomhairleachaidh cheangailte. Is e Dimàirt 6 Màrt 2007 an ceann-là dùnaidh airson freagairtean. Bu chòir iad seo a chur chun na h-Oifis Choitchinn Chlàraidh bhuntainnich a tha liostaichte air duilleag 7 den sgrìobhainn cho-chomhairleachaidh.
Page last updated: 6 August 2007
If you have any comments about this website please use our contact form.
© Crown Copyright 2008