Click on image to return to General Register Office for Scotland - Homepage

A’ Pòsadh ann an Alba

Tha sinn airson gum bi am pòsadh againn air a shòlamachadh le caraid don teaghlach. A bheil seo comasach?

Ann an Alba chan fhaod pòsadh creidmheach a bhith air a shòlamachadh ach a-mhàin le ministear, clèireach, aoghair, sagart no cuideigin eile le làn-chòir sin a dhèanamh fo Achd Pòsaidh (Alba) 1977. Mas e pòsadh creidmheach a tha sibh ag iarraidh agus nach eil ur caraid a-cheana na phearsa barrantaichte, faodaidh an t-Àrd-neach-clàraidh cead sealach a bhuileachadh airson pòsadh sònraichte. Chan fhaodar cead sealach a thoirt ach a-mhàin do chuideigin a bhuineas do bhuidheann creideimh agus aig a bheil taic bho luchd-dreuchd seirbheis pòsaidh a choileanadh às leth a’ bhuidhinn sin.

Thoir aire nach urrainn beachdachadh air iarrtas airson cead sealach nas tràithe na 3 mìosan ro cheann-là a’ phòsaidh. Bu chòir do neach a tha a’ cur iarrtas airson cead sealach am fiosrachadh a leanas a chur a-steach aig àm a’ chiad iarrtais aca chun an Roinn Pòsaidh aig Taigh Ùr a’ Chlàraidh. Tha seòladh Taigh Ùr a’ Chlàraidh air ar duilleig “Far am faighear sinn” (Where to find us).

1.       Lethbhreac de bhunreachd no aithris air creideamh a’ bhuidhinn creideimh, a bu chòir a bhith a’ gabhail a-steach amasan agus creideamhan a’ bhuidhinn còmhla ri fiosrachadh mu thaghadh luchd-dreuchd.

2.       Fiosrachadh mu bhallrachd, gach cuid aig ìre ionadail agus air feadh na Rìoghachd Aonaichte ma tha sin iomchaidh, agus dè cho tric ’s a bhios am buidheann ionadail a’ coinneachadh airson adhradh san fhollais.

3.       Lethbhreac de bhriathran na seirbheis pòsaidh.

4.       An ainm slàn agus an tiotal a chleachdadh iad nuair a bhiodh iad a’ cur an ainm ris a’ Chlàr Pòsaidh, me Ministear, Aoghair no Neo-chlèireach.

5.       Litrichean bho dithis de luchd-dreuchd a’ bhuidhinn creideimh a’ toirt taic don iarrtas aca agus fianais air an seasamh anns a’ bhuidheann.

6.       Ainmean iomlan a’ chàraid, ceann-là agus àite a’ phòsaidh.

Chan fhaod pòsadh catharra a bhith air a shòlamachadh ach a-mhàin le neach-clàraidh no iar-neach-clàraidh a fhuair cead bhon Àrd-neach-clàraidh airson seo a dhèanamh.

English

Air ais chun toiseach


Page last updated: 24 October 2006


If you have any comments about this website please use our contact form.

© Crown Copyright 2008