Click on image to return to General Register Office for Scotland - Homepage

A’ Pòsadh ann an Alba

Tha mi airson pòsadh thall thairis. Dè na sgrìobhainnean a dh’fheumas mi a shealltainn?

Bu chòir dhut fios a chur gu Consalachd/Ambasaid na dùthcha iomchaidh gus comhairle fhaighinn air dè na pàipearan a bhithear ag iarraidh.

Ma thèid iarraidh ort Teisteanas Neo-bhacaidh (CONI) a shealltainn agus gu bheil thu a’ fuireach an Alba, faodaidh tu seo iarraidh bhon neach-clàraidh ionadail agad le rabhadh a chur a-steach mar gum biodh tu a’ pòsadh an Alba. Bu chòir dhut foirm rabhadh-pòsaidh, M10 (faidhle Adobe Acrobat 56 Kb), a lìonadh agus a chur a-steach còmhla ri do theisteanas-breith agus, ma bha thu pòsta roimhe, an t-òrdugh sgaradh-pòsaidh agad còmhla ris an t-suim £26 chun an neach-clàraidh. An uair sin faodaidh an neach-clàraidh an CONI a chur a-mach 15 làithean an dèidh dhut an rabhadh-pòsaidh agus an suim a lìbhrigeadh. Tha an CONI dligheach airson 3 mìosan bhon cheann-là lìbhrigidh.

Faigh Acrobat Reader

English

Air ais chun toiseach


Page last updated: 4 July 2008


If you have any comments about this website please use our contact form.

© Crown Copyright 2008