Click on image to return to General Register Office for Scotland - Homepage

A’ Pòsadh ann an Alba

Tha mi airson pòsadh ann an Alba. Ciamar a nì mi seo?

Tha obair-pàipeir ri lìonadh, agus feumaidh tu àite, ceann-là agus uair a chur air dòigh. ’S dòcha gum bi e feumail dhut na sgrìobhainnean a leanas mu na riatanasan againn a luchdadh sìos.

(Adobe Acrobat Portable Document Format (pdf)): Faigh Acrobat Reader.

Bu chòir gum freagradh bileag RM1 a’ chuid as motha de na ceistean agad, ach cùm air chuimhne na puingean a leanas:

  • Cuir fòn chun an Neach-clàraidh ionadail daonnan mus lìon thu foirm M10.

  • Ma tha thu ag iarraidh pòsadh catharra an àite pòsadh creidmheach, ’s urrainn dhan Neach-clàraidh do chuideachadh a’ taghadh latha agus uair, agus innse dhut dè na cìsean is dòcha a bhios rim pàigheadh.

  • Bheir e cothrom dhut cuideachd dearbhadh dè an dòigh pàighidh ris an gabh an Neach-clàraidh.

  • Bu chòir do gach pàirtiche sa phòsadh seòladh agus àireamh-fòn a thoirt don Neach-clàraidh (agus ma bhios e comasach, àireamh-facs).

  • Feumaidh tu na foirmean air an lìonadh a chur dhan phost (chan ann air post-dealain) (a’ gabhail a-steach a’ cheisteachain ma tha thu a’ cur a-steach sgrìobhainnean sgaradh-pòsaidh bho thaobh a-muigh Bhreatainn), a’ chiad bhreacadh de sgrìobhainnean no lethbhric dearbhte leis an ùghdarras a thug seachad iad agus suim airgid iomchaidh don Neach-clàraidh ionadail (chan ann gu Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh airson Alba) airson ruigsinn mar as trice 4-6 seachdainean ro cheann-là a’ phòsaidh agus co-dhiù gun a bhith nas fhaide na 15 làithean roimhe.

  • Ma tha sibh ag iarraidh pòsadh creidmheach feumar an clàr pòsaidh a thogail gu pearsanta bhon Neach-clàraidh rè uairean fosglaidh gun a bhith nas fhaide na seachd làithean ro cheann-là a’ phòsaidh.

  • Ma tha sibh air taobh a-muigh Bhreatainn ’s dòcha gun iarr an Neach-clàraidh do chead-siubhail dligheach no sgrìobhainn eile a tha a’ toirt cead dhut a bhith anns an dùthaich.

  • Bho 1 Gearran 2005, ma bhios tu a’ tighinn dhan Rìoghachd Aonaichte (UK) airson pòsadh agus gu bheil thu nad shaoranach de dhùthaich nach eil na bhall de Cheàrn Eaconamach na h-Eòrpa, feumaidh tu cur airson bhìosa mus tig thu (tha seo a-mhàin ma gheibh an neach-clàraidh ur rabhadh pòsaidh air no an dèidh 1 Gearran 2005). Mur faigh thu bhìosa chan urrainn don neach-clàraidh do rabhadh pòsaidh a ghabhail agus chan urrainn dhut pòsadh anns an RA. Bu chòir gum biodh e furasta bhìosa fhaighinn. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig làrach-lìn UK Visas far a bheil stiùireadh do luchd-tadhail no "Visitors" no cuir fios chun an Ambasaid, Consalachd no Àrd-choimisean Breatannach as fhaisge ort airson comhairle.

  • Ma tha thu anns an RA a-cheana, agus gu bheil thu nad shaoranach de dhùthaich nach eil na bhall de Cheàrn Eaconamach na h-Eòrpa, feumaidh tu cead Rùnaire na Dùthcha airson pòsadh an seo. Bidh seo air a thoirt seachad mar theisteanas cead. Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fòn gu Biùro Rannsachadh In-imrich agus Nàiseantachd no sgrìobh gu Buidheann-stiùiridh In-imrich agus Nàiseantachd (Immigration and Nationality Directorate). Tha an àireamh-fòn agus seòladh air an làrach-lìn aca.

English

Air ais chun toiseach


Page last updated: 8 July 2008


If you have any comments about this website please use our contact form.

© Crown Copyright 2009