Click on image to return to General Register Office for Scotland - Homepage

A’ Pòsadh ann an Alba

Tha mi a’ pòsadh thall thairis agus feumaidh an earrann breith agam a bhith "dearbhte". Ciamar a nì mi seo?

Gheibhear "dearbhadh" bho Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh airson Alba airson suim airgid. Cuir post-dealain chun na roinn Dearbhadh Earrannan (Authentication of Extracts) a’ cleachdadh ar foirm conaltraidh (contact form). Bidh iad toilichte do chuideachadh agus bheir iad comhairle dhut mun t-suim airgid a bhios ri phàigheadh.

Thoir aire nach gabh riaghaltas a h-uile dùthaich cèin ri "dearbhadh" agus bidh cuid dhiubh ag iarraidh rud ris an canar "apostille" sgrìobhte air cùl earrainn. Tha seo air a riaghladh le cùmhnant eadar-nàiseanta agus tha e an urra ri Oifis nan Dùthchannan Cèin agus a’ Cho-fhlaitheis an "apostille" a chur ris. Ma dh’fheumas tu "apostille" cuir fios gu Oifis nan Dùthchannan Cèin agus a’ Cho-fhlaitheis (Foreign and Commonwealth Office).

English

Air ais chun toiseach


Page last updated: 8 August 2008


If you have any comments about this website please use our contact form.

© Crown Copyright 2008