You are in: Home › Registration › A’ Pòsadh ann an Alba › Pòsaidhean Catharra ann an Àiteachan Ceadaichte ›
Fhuair Achd Pòsaidh (Alba) aonta Phàrlamaid na h-Alba air 27 Gearran 2002, Aonta Rìoghail air 4 Giblean 2002 agus chaidh a cur an gnìomh air 25 Giblean 2002. Gheibhear Achd Pòsaidh (Alba) 2002 (Marriage (Scotland) Act 2002) air làrach-lìn Oifis Fiosrachaidh mun Roinn Phoblach (Office of Public Sector Information).
Tha Achd Pòsaidh (Alba) 2002 :-
a’ ceadachadh pòsaidhean catharra a bhith air an sòlamachadh ann an àiteachan eile a bharrachd air oifisean clàraidh;
a’ toirt ùghdarras do chomhairlean ionadail làraich a cheadachadh airson sin agus suim airgid a chur mu choinneimh gus coinneachadh ri na cosgaisean agus airson adhbharan co-cheangailte ris; agus
a’ toirt cothrom don Àrd-neach-clàraidh airson Alba stiùireadh a thoirt mu na nithean gu h-àird do chomhairlean ionadail.
Bha Riaghailtean Pòsaidh (Ceadachadh Àiteachan) (Alba) 2002 (Marriage (Approval of Places) (Scotland) Regulations 2002 (S.S.I. 2002 No. 260)) air an aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba air 28 Cèitean 2002 agus air an cur an gnìomh air 10 Ògmhios 2002. Gheibhear an teacsa air làrach-lìn Oifis Fiosrachaidh na h-Earrainn Phoblaich. Còmhla ri sin, chuir an t-Àrd-neach-clàraidh a-mach Stiùireadh gu Ùghdarrasan Ionadail an Alba air Ceadachadh Àiteachan airson Pòsadh Catharra (Guidance to Scottish Local Authorities on the Approval of Places for Civil Marriage) (faidhle pdf 104 Kb).
Tha gach reachdas agus stiùireadh a dh’fheumar a-nis stèidhichte. Bu chòir do dhaoine a tha ag iarraidh pòsadh catharra ann an àite a roghnaich iad fhèin fios a chur chun na h-oifis clàraidh ionadail an toiseach. Bu chòir do dhaoine a tha ag iarraidh gum bi àite ceadaichte airson pòsaidhean catharra fios a chur chun an ùghdarrais ionadail aca. Chithear clàr nan àiteachan ceadaichte a rèir comhairle:
Approved Places for Civil Marriage by Council,
no ainm-àite:
Approved Places for Civil Marriage by Place Name.
Ma tha ceistean agad nach robh air am freagairt an seo no anns na bileagan cuir fios chun na roinn tùs-obair pòsaidh againn (Marriage Preliminaries) a’ cleachdadh ar foirm conaltraidh (contact form). Bidh iad toilichte ur cuideachadh.
Page last updated: 8 July 2008
If you have any comments about this website please use our contact form.
© Crown Copyright 2008