Click on image to return to General Register Office for Scotland - Homepage

A’ Pòsadh ann an Alba

Dè an riochd anns am bi seirbheis pòsaidh ann an Alba?

Chan eil modh cainnte air òrdachadh san lagh co-cheangailte ri 'bòidean pòsaidh' an Alba. An cois seo tha stiùireadh air an riochd anns am biodh seirbheis pòsaidh catharra (Pòsadh Catharra - Eisimpleir de Sheirbheis Pòsaidh) (faidhle pdf 17 Kb) agus bidh luchd-clàraidh ro thoilichte daingneachadh ro-làimh am modh cainnte a dh’fheumar a chleachdadh anns an t-seirbheis. Ann an seirbheis pòsaidh creidmheach, chan fhaod am pearsa ceadaichte pòsadh a shòlamachadh ach ann an co-rèir ri modh seirbheis a tha a’ gabhail a-steach na leanas agus nach eil air chor sam bith an-aghaidh

  1. dearbhadh leis a’ chàraid, fhad ’s a tha an dithis aca an làthair, am pearsa agus dà fhianais, gu bheil iad a’ gabhail a chèile mar dhuine agus bean; agus
  2. dearbhadh leis a’ phearsa, an dèidh an dearbhaidh roimhe, gu bheil an dithis a-nis nan duine agus bean.

English 

Air ais chun toiseach


Page last updated: 24 October 2006


If you have any comments about this website please use our contact form.

© Crown Copyright 2008