Click on image to return to General Register Office for Scotland - Homepage

A’ Pòsadh ann an Alba

Dè an aois as ìsle a bha agus a tha ceadaichte airson pòsadh ann an Alba?

Ro 1929, lean lagh na h-Alba lagh na Ròimhe le cothrom aig nighean pòsadh aig dusan bliadhna a dh’aois agus balach aig ceithir-deug, gun chead bho phàrant air iarraidh. Ach, a rèir fiosrachaidh* bho thoiseach na 20mh linn, b’ ann fìor ainneamh a bha daoine cho òg ri sin a’ pòsadh an Alba. ’S dòcha nam biodh pòsaidhean chloinne air fàs bitheanta, gun tigeadh cudrom bhon mhòr-shluagh airson an aois pòsaidh as ìsle a rèir an lagha àrdachadh ro 1929. Chuir Achd Aois Pòsaidh 1929 (ann an Alba, Sasann & a’ Chuimrigh ach chan eil i an Èirinn a Tuath) às dha pòsadh eadar càraid far an robh aon duine fo aois sia-deug. ’S e sia-deug fhathast an aois as òige, air a ghabhail a-steach ann an reachdas an latha an-diugh, Achd Pòsaidh (Alba) 1977. Chan eil lagh na h-Alba fhathast ag iarraidh cead phàrant.

*Fiosrachadh: Vital registration: a manual of the law agus practice concerning the registration of births, deaths agus marriage. (G T Bisset-Smith. 1mh  deasachadh. Dùn Èideann: William Green & Sons, 1902)

English

Air ais chun toiseach


Page last updated: 24 October 2006


If you have any comments about this website please use our contact form.

© Crown Copyright 2008