Click on image to return to General Register Office for Scotland - Homepage

You are in: HomeRegistrationA' Clàradh Marbh-Bhreith

A’ Clàradh Marbh-Bhreith

Dè ma bhitheas marbh-bhreith agam?

Feumaidh marbh-bhreith sam bith a ghabhas àite ann an Alba a bhith air a chlàradh taobh a-staigh latha air fhichead leis an Neach-clàraidh air Breith, Bàs is Pòsaidhean.  Tha an lagh ag iarraidh air a’ mharbh-bhreith a bhith air a chlàradh an dàrna cuid anns an sgìre clàraidh far an do ghabh am breith àite no anns an sgìre clàraidh far an robh màthair a’ phàiste a’ fuireach (sgìre “còmhnaidh àbhaisteach”, a tha san t-suidheachadh seo a’ ciallachadh seòladh na dachaigh phàrantail ann an Alba, ‘s chan e seòladh sealach far a bheil a’ mhàthair a’ fuireach airson ùine ghoirid ro agus an dèidh a’ bhreith, me dachaigh a màthar fhèin).  Faodar seòladh an neach-clàraidh ionadail fhaighinn bhon ospadal, an dotair, leabhar nam fòn (faic fo ‘Clàradh Breith, Bàs agus Pòsaidhean’) no Liosta Luchd-clàraidh na h-Alba (Directory of Registrars in Scotland) (faidhle pdf 170 Kb).
Faigh Acrobat Reader

Cò is urrainn marbh-bhreith a chlàradh ann an Alba?

Tha e mar dhleastanas air athair no màthair pàiste am marbh-bhreith a chlàradh.  Anns an t-suidheachadh far nach eil e comasach dhan athair no dhan mhàthair a dhèanamh no far a bheil iad air bàsachadh ’s urrainn dha na leanas am breith a chlàradh:

  • Neach sam bith a tha càirdeach dhan mhàthair no dhan athair, ma tha e pòsta ris a’ mhàthair, neach a tha càirdeach aig a bheil eòlas air a’ mharbh-bhreith;
  • Neach-còmhnaidh an àite far, cho fada ’s is aithne don neach-còmhnaidh, na ghabh am marbh-bhreith àite;
  • Neach sam bith a bha an làthair aig a’ mharbh-bhreith.

Chan urrainn athair nach eil pòsta ris a’ mhàthair am marbh-bhreith a chlàradh agus a bhith air ainmeachadh sa chlàr mar an athair, ach a-mhàin le na leanas:

  • Tha e a’ cur ainm ris a’ chlàr aig an aon àm ris a’ mhàthair;
  • Tha e fhèin agus màthair a’ phàiste a’ cur an ainm ri dearbhadh (gheibhear iad seo bhon neach-clàraidh) gur e an athair; no
  • Tha cùirt a’ riaghladh gur e an athair agus tha a’ mhàthair a’ clàradh a’ mharbh-bhreith.

Dè na sgrìobhainnean a bu chòir a thoirt leam chun neach-clàraidh?

Bu chòir na leanas a thoirt leibh:

  • Teisteanas a’ mharbh-bhreith;
  • Teisteanas pòsaidh pàrantan a’ phàiste.

Mura toirear teisteanas a’ mharbh-bhreith dhaibh, faodar a dhol air adhart leis a’ chlàradh an dèidh don neach-brathaidh an ainm a chur gu foirm dearbhaidh marbh-bhreith.

Nuair a tha an clàradh dèante bheir an neach-clàraidh dhuibh, saor ’s an asgaidh:

  • Teisteanas de chlàradh a’ mharbh-bhreith airson a thoirt don neach a tha an urra ris an àite-tìodhlacadh no an luaithreachan;
  • Mas e aon de na pàrantan a chlàras am marbh-bhreith agus gun iarr iad e, earrann den fhiosrachadh sa chlàr.

Dè ma thachras am marbh-bhreith thall thairis?

Bu chòir am marbh-bhreith a chlàradh a rèir riaghailtean ionadail na dùthcha sa bheilear agus teisteanas fhaighinn mun mharbh-bhreith.  Chan eil goireas ann airson a’ mharbh-bhreith a chlàradh le Consal Bhreatainn san dùthaich sin.

English 

Air ais chun toiseach


Page last updated: 11 January 2008


If you have any comments about this website please use our contact form.

© Crown Copyright 2008