You are in: Home › Registration › A' Clàradh Breith ›
Cò is urrainn breith a chlàradh ann an Alba?
Tha e mar dhleastanas air athair no màthair pàiste am breith a chlàradh. Anns an t-suidheachadh far nach eil e comasach dhan athair no dhan mhàthair a dhèanamh no far a bheil iad air bàsachadh ’s urrainn na leanas am breith a chlàradh:
Chan urrainn athair nach eil pòsta ris a’ mhàthair am breith a chlàradh agus a bhith air ainmeachadh mar an athair, ach a-mhàin le na leanas:
Ciamar agus càit am bi mi a’ clàradh breith?
Feumaidh breith sam bith a ghabhas àite ann an Alba a bhith air a chlàradh taobh a-staigh latha air fhichead leis an Neach-clàraidh air Breith, Bàs is Pòsaidhean. Tha an lagh ag iarraidh air a’ bhreith a bhith air a chlàradh an dàrna cuid anns an sgìre clàraidh far an deach a bhreith no anns an sgìre clàraidh far an robh màthair a’ phàiste a’ fuireach (sgìre “còmhnaidh àbhaisteach”, a tha san t-suidheachadh seo a’ ciallachadh seòladh an dachaigh pàrantail ann an Alba, ‘s chan e seòladh sealach far a bheil a’ mhàthair a’ fuireach airson ùine ghoirid ro agus an dèidh a’ bhreith, me dachaigh a màthar fhèin). Faodar seòladh an neach-clàraidh ionadail fhaighinn bhon ospadal, an dotair, leabhar nam fòn (faic fo ‘Clàradh Breith, Bàs agus Pòsaidhean’) no Liosta Luchd-clàraidh na h-Alba (Directory of Registrars in Scotland) (faidhle pdf 170 Kb).
![]()
Dè na sgrìobhainnean a bu chòir a thoirt leam chun neach-clàraidh?
Bu chòir na leanas a thoirt leibh:
Na gabhaibh dragh mur eil na sgrìobhainnean seo agaibh oir is urrainn don neach-clàraidh fhathast a dhol air adhart leis a’ bhreith a chlàradh.
Nuair a tha an clàradh dèante bheir an neach-clàraidh dhuibh teisteanas giorraichte (i.e. gun fiosrachadh mu na pàrantan) den bhreith saor ’s an asgaidh.
Is urrainnear làn theisteanas a’ bhreith fhaighinn airson prìs.
Dè ma thachras am breith thall thairis?
Bu chòir am breith a chlàradh a rèir riaghailtean ionadail na dùthcha sa bheilear agus teisteanas-breith fhaighinn. Is math dh’fhaoidte gun urrainnear am breith a chlàradh le Consal Bhreatainn san dùthaich sin le pàigheadh. Ach, chan eil dleastanas sam bith oirbh seo a dhèanamh. Thèid fiosrachadh mun bhreith a chur a dh’Alba agus bhon sin thèid agaibh air lethbhreac fhaighinn bho Taigh Ùr a’ Chlàraidh (New Register House).
Page last updated: 11 January 2008
If you have any comments about this website please use our contact form.
© Crown Copyright 2008