You are in: Home › Registration › A' Clàradh Bàis ›
Cò is urrainn bàs a chlàradh ann an Alba?
Is urrainn na leanas bàs a chlàradh:
Ciamar agus càit am bi mi a’ clàradh bàis?
Feumaidh bàs sam bith a thachras ann an Alba a bhith air a chlàradh taobh a-staigh ochd latha le Neach-clàraidh Breith, Bàs is Pòsaidhean. Tha an lagh ag iarraidh air a’ bhàs a bhith air a chlàradh an dàrna cuid anns an sgìre clàraidh far na thachair am bàs no anns an sgìre clàraidh far an robh an neach nach maireann a’ fuireach (sgìre “còmhnaidh àbhaisteach”, a tha san t-suidheachadh seo a’ ciallachadh dachaigh àbhaisteach ann an Alba an neach nach maireann, ’s chan e seòladh a bha aig neach a bha air làithean-saora aig àm a’ bhàis). Faodar seòladh an neach-clàraidh ionadail fhaighinn bhon neach-adhlacaidh, bhon ospadal, an dotair, leabhar nam fòn (faic fo ‘Clàradh Breith, Bàs agus Pòsaidhean’) no Liosta Luchd-clàraidh na h-Alba (Directory of Registrars in Scotland) (faidhle pdf 170 Kb). Bidh sibh airson fios a bhith agaibh gun urrainn adhlacaidh gabhail àite ron chlàradh ach chan urrainn luaithreachadh a dhèanamh gus an tèid am bàs a chlàradh.
Dè na sgrìobhainnean a bu chòir a thoirt leam chun neach-clàraidh?
Bu chòir na leanas a thoirt leibh:
Na gabhaibh dragh mur eil na sgrìobhainnean seo agaibh oir is urrainn don neach-clàraidh fhathast a dhol air adhart leis a’ bhàs a chlàradh.
Nuair a tha an clàradh dèante bheir an neach-clàraidh dhuibh, saor ’s an asgaidh:
Dè ma thachras am bàs thall thairis?
Bu chòir am bàs a chlàradh a rèir riaghailtean ionadail na dùthcha anns a bheilear agus teisteanas-bàis fhaighinn. Is math dh’fhaoidte gun urrainnear am bàs a chlàradh le Consal Bhreatainn anns an dùthaich sin le pàigheadh. Ach, chan eil dleastanas sam bith oirbh seo a dhèanamh. Thèid fiosrachadh mun bhàs a chur a dh’Alba agus bhon a sin thèid agaibh air lethbhreac fhaighinn bho Taigh Ùr a’ Chlàraidh (New Register House).
Page last updated: 11 January 2008
If you have any comments about this website please use our contact form.
© Crown Copyright 2008