Click on image to return to General Register Office for Scotland - Homepage
News Release
Sanas Naidheachd

Cunntas-sluaigh na h-Alba 2001 - Aithisg Ghàidhlig

10 Dàmhair 2005
 

Tha figearan air am foillseachadh an-diugh a’ sealltainn gu robh, ann an 2001, beagan comais sa Ghàidhlig aig còrr air 92,000 duine an Alba (dìreach beagan nas lugha na 2 sa cheud den àireamh-sluaigh) agus gu robh faisg air dàrna leth nan daoine sin a’ fuireach anns na h-Eileanan Siar, a’ Ghàidhealtachd no Earra-Ghàidheal & Bòid.

Bha na figearan ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh le Clàradair na h-Alba mu chleachdadh na Gàidhlig an Alba, air an toirt bho Chunntasan-sluaigh 2001 agus 1991.

Thuirt Duncan Macniven, Clàradair na h-Alba:

“Tha an aithisg seo, a tha stèidhichte air mion-sgrùdadh de Chunntas-sluaigh 2001, a’ sealltainn gu bheil piseach agus crìonadh a’ tighinn air a’ Ghàidhlig. Thuit an àireamh de luchd-labhairt Gàidhlig 7,300 rè nan 1990an. Ach, mheudaich an àireamh de dhaoine a bha a’ leughadh Gàidhlig 3,200 agus dh’èirich an àireamh de dhaoine comasach air sgrìobhadh ann an Gàidhlig 3,100.

“Chithear bhon Chunntas-sluaigh gu bheil a’ Ghàidhlig a’ crìonadh anns na prìomh sgìrean traidiseanta aice, gu sònraichte sna h-Eileanan Siar, ach a’ fàs ann an iomadh pàirt eile de dh’Alba – agus am measg òigridh. B’ urrainn do mu 430 a bharrachd de dh’òigridh, aois còig gu naoi, bruidhinn Gàidhlig ann an 2001 na ann an 1991. Tha i a’ gluasad bho bhith na cainnt-beòil gu bhith na cànan a thathar a’ bruidhinn, a’ leughadh agus a’ sgrìobhadh.”

’S iad na prìomh thoraidhean:

  • Bha beagan comais sa Ghàidhlig aig 92,400 daoine aois trì agus os a chionn (1.9 sa cheud den àireamh-sluaigh) ann an 2001.
  • Bha barrachd dhaoine le comas sa Ghàidhlig a’ fuireach sna h-Eileanan Siar (18,420), Roinn na Gàidhealtachd (18,360) agus Earra-Ghàidheal & Bòid (6,520) na ann an roinn comhairle sam bith eile.
  • Chaidh an àireamh de dhaoine aois a trì agus os a chionn comasach air bruidhinn Gàidhlig sìos 11 sa cheud eadar 1991 agus 2001. Mheudaich an àireamh a b’ urrainn leughadh Gàidhlig seachd gu leth sa cheud agus mheudaich an àireamh comasach air sgrìobhadh Gàidhlig 10 sa cheud anns an aon ùine.
  • Thuit an àireamh de dhaoine a b’ urrainn bruidhinn, leughadh no sgrìobhadh Gàidhlig gu 3,800 nas lugha (sia sa cheud) eadar 1991 agus 2001, agus dh’èirich an àireamh le comas Gàidhlig nas motha, a b’ urrainn an cànan a bhruidhinn, a leughadh agus a sgrìobhadh gu 1,800 a bharrachd (sia sa cheud) anns an aon ùine.
  • Ann an 2001 b’ e luchd-labhairt Gàidhlig a bha ann an 63 sa cheud de dhaoine aois a trì & os a chionn le beagan comais sa Ghàidhlig, agus bha 29 sa cheud comasach air tuigsinn Gàidhlig ach cha robh air a bruidhinn, a leughadh no a sgrìobhadh.
  • Mheudaich ìrean labhairt Gàidhlig eadar 1991 agus 2001 do dhaoine aois eadar còig agus naoi, ged a bha tuiteam airson nan aoisean sin ann am prìomh sgìrean Gàidhlig nan Eilean Siar agus an Eilean Sgitheanach & Loch Aillse.
  • Ann an 2001, bha luchd-labhairt Gàidhlig aois trì & os a chionn timcheall air còig bliadhna agus ochd mìosan nas sine na ball cuibheasach den àireamh-sluaigh.
  • Ann an 2001, bha comas sa Ghàidhlig aig 72 sa cheud de dhaoine a bha a’ fuireach anns na h-Eileanan Siar, na b’ àirde na roinn ùghdarrais ionadail sam bith eile an Alba.
  • Taobh a-muigh nam prìomh cheàrnaidhean Gàidhlig, b’ e dìreach aon sa cheud den àireamh-sluaigh aig an robh comas sam bith sa Ghàidhlig ann an 2001.
  • Thuit an àireamh agus an àireamh sa cheud de dhaoine a’ bruidhinn Gàidhlig anns na h-Eileanan Siar eadar 1991 agus 2001 airson a h-uile buidheann aoise.
  • B’ ann aig sgìre Bharabhais, ann an iar-thuath nan Eilean Siar, a bha a’ chuibhreann a b’ àirde de luchd-labhairt Gàidhlig ann an Alba gu lèir (75 sa cheud ann an 2001 agus 87 sa cheud ann an 1991).

Tha na h-earrannan a leanas san aithisg seo:-

Bruidhinn, leughadh, sgrìobhadh agus tuigsinn Gàidhlig

Eisimpleirean de na toraidhean aig ìre Alba: Bha beagan comais sa Ghàidhlig aig 1.9 sa cheud den àireamh-sluaigh aois 3+ ann an 2001; bha 1.2 sa cheud a’ bruidhinn Gàidhlig; b’ urrainn do 0.9 sa cheud leughadh Gàidhlig; b’ urrainn do 0.7 sa cheud sgrìobhadh Gàidhlig; b’ urrainn do 1.6 sa cheud tuigsinn Gàidhlig air a labhairt; thuit an àireamh de luchd-labhairt 11 sa cheud bho 1991, agus mheudaich an luchd-leughaidh agus luchd-sgrìobhaidh 7½ agus 10 sa cheud, fa leth, anns an aon ùine; thuit na h-àireamhan comasach air bruidhinn, leughadh no sgrìobhadh Gàidhlig 6 sa cheud bho 1991; mheudaich na h-àireamhan comasach air bruidhinn, leughadh agus sgrìobhadh Gàidhlig 6 sa cheud; b’ urrainn do faisg air treas earrann den fheadhainn le beagan comais sa Ghàidhlig tuigsinn Gàidhlig air a labhairt ach cha b’ urrainn dhaibh a bruidhinn, a leughadh no a sgrìobhadh.

Eisimpleirean de na toraidhean aig ìrean sònraichte an Alba:  Sheall 22 roinnean comhairle meudachadh anns an àireamh de daoine comasach air bruidhinn, leughadh no sgrìobhadh Gàidhlig bho 1991; bha beagan comais sa Ghàidhlig aig faisg air trì-chairteal de dhaoine anns na h-Eileanan Siar ann an 2001; b’ e dìreach 1 a-mach à 95 daoine taobh a-muigh nam prìomh cheàrnaidhean Gàidhlig aig an robh eòlas Gàidhlig ann an 2001; sheall na h-Eileanan Siar an crìonadh as motha ann an daoine a tha comasach air bruidhinn, leughadh no sgrìobhadh Gàidhlig bho 1991; b’ urrainn do faisg air dàrna leth nan daoine le beagan eòlais air Gàidhlig anns na h-Eileanan Siar agus san Eilean Sgitheanach & Loch Aillse a bruidhinn, a leughadh agus a sgrìobhadh ann an 2001; Bha cuibhreann na bu mhotha de luchd-labhairt Gàidhlig ann am Barabhas na ann an sgìre sam bith eile an Alba.

Pàtran-sluaigh

Eisimpleirean de na toraidhean: bha an fheadhainn le comas Gàidhlig na bu bhuailtiche na an àireamh-sluaigh san fharsaingeachd a bhith aois 25 agus os a chionn; mheudaich a’ chuibhreann de dhaoine aois 5-9 a’ bruidhinn Gàidhlig eadar 1991 agus 2001, ach thuit a’ chuibhreann aois 3-4 agus 25 & os a chionn; agus an àireamh sa cheud de dhaoine a’ bruidhinn Gàidhlig anns na h-Eileanan Siar airson a h-uile buidheann aoise; ann an 2001, bha neach-labhairt Gàidhlig aois 3 & os a chionn timcheall air 5 bliadhna agus 8 mìosan nas sine na an àireamh-sluaigh coitcheann;

Feartan cultarail

Eisimpleirean de na toraidhean: bha luchd-labhairt Gàidhlig na bu bhuailtiche a bhith air am breith an Alba na an àireamh-sluaigh gu h-iomlan; chaidh a’ chuibhreann a bha neo-gheal aig an robh Gàidhlig suas barrachd air a dhà uiread eadar 1991 agus 2001; cha robh daoine le beagan comais sa Ghàidhlig faisg cho buailteach a bhith gun chreideamh idir.

Gàidhlig ann an teaghlaichean

Eisimpleirean de na toraidhean: far an robh gach pàrant ann an teaghlaichean le càraid pòsta nan luchd-labhairt Gàidhlig, bha 70 sa cheud den chloinn cuideachd a’ bruidhinn Gàidhlig; far an robh dìreach aon phàrant a’ bruidhinn Gàidhlig, bha dìreach 23 sa cheud den chloinn a’ bruidhinn a’ chànain.

Tinneas, slàinte agus frithealadh

Eisimpleirean de na toraidhean: airson daoine fo aois 55, bha na daoine le tinneas bacaidh fad-ùine na bu bhuailtiche comas a bhith aca sa Ghàidhlig; airson an fheadhainn aois 55 agus os a chionn, cha robh daoine air taobh a-muigh nam prìomh cheàrnaidhean Gàidhlig le tinneas bacaidh fad-ùine na bu bhuailtiche a bhith le comas Ghàidhlig no às aonais; airson cha mhòr a h-uile buidheann aoise, bha luchd-cùraim na bu bhuailtiche eòlas sa Ghàidhlig a bhith aca.

Coitcheann

Eisimpleirean de na toraidhean: bha na bu lugha de dhaoine le comas sa Ghàidhlig ag obair làn-ùine ach bha barrachd dhaoine ag obair air an ceann fhèin; anns na prìomh cheàrnaidhean Gàidhlig, bha daoine le eòlas Gàidhlig na bu bhuailtiche a bhith ag obair ann am foghlam; ann an gach cuid na prìomh cheàrnaidhean Gàidhlig agus an còrr de dh’Alba, agus na bu lugha de dhaoine le comas Gàidhlig ann an dreuchdan rianachd; bha barrachd dhaoine le eòlas air Gàidhlig ionnsaichte gu ìre ceum, ged a bha na bu lugha ann an cuid de phrìomh sgìrean Gàidhlig; bha clann a bha a’ bruidhinn Gàidhlig na bu bhuailtiche a bhith aois 12-15 ach cha robh iad cho buailteach a bhith aois 3-4.

Coimeas eadar diofar bhuidhnean aoise eadar 1991 agus 2001

Eisimpleirean de na toraidhean: bha an àireamh de dhaoine aois 30-39 bliadhna ann an 2001 2 sa cheud na b’ àirde na an àireamh de dhaoine 20-29 bliadhna ann an 1991 ach, airson luchd-labhairt Gàidhlig, thuit na h-àireamhan 6 sa cheud.

Imrich

Eisimpleirean de na toraidhean: bha imrichean beagan na bu bhuailtiche comas sa Ghàidhlig a bhith aca na neo-imrichean; chaill na h-Eileanan Siar mu 1 sa cheud den àireamh-sluaigh le Gàidhlig aca tro imrich gu pàirtean eile de dh’Alba anns a’ bhliadhna ron Chunntas-sluaigh; b’ e imrichean a bha a’ fuireach anns na prìomh sgìrean Gàidhlig a bu bhuailtiche a bhith a’ còmhnaidh ann an roinn ùghdarras ionadail eadar-dhealaichte aon bhliadhna air ais.


Fios Do Luchd-Deasachaidh

1.  Gheibhear an aithisg Cunntas-sluaigh na h-Alba 2001, Aithisg Ghàidhlig (ann an  Gàidhlig agus Beurla) bho GROS Customer Services (faic para 6 shìos) agus faodar a leughadh no a luchdadh sìos cuideachd bhon làrach-lìn seo.

2.  B’ e ainm na h-aithisge Ghàidhlig bhon Chunntas-sluaigh mu dheireadh (1991) ‘Cunntas-sluaigh 1991, Gàidhlig, Alba’ (ISBN 0-11-495255-8).

3.  Ann an Cunntas-sluaigh 2001, chaidh ceithir ceistean fhaighneachd do dhaoine mun Ghàidhlig – am b’ urrainn dhaibh:

  • Tuigsinn Gàidhlig air a labhairt,
  • Bruidhinn Gàidhlig,
  • Leughadh Gàidhlig,
  • Sgrìobhadh Gàidhlig.

B’ e 2001 a’ chiad Chunntas-sluaigh anns an robh ceist mu chomas duine tuigsinn Gàidhlig air a labhairt. Leis nach robh a’ cheist seo air a faighneachd ann an 1991, b’ e prìomh bhuaidh an atharrachaidh ri foirm Cunntas-sluaigh 2001 gun tuirt mòran a bharrachd de dhaoine gu robh beagan comais sa Ghàidhlig aca ann an 2001 an coimeas ri 1991.

4.  Ann am mòran de na clàir anns an aithisg seo tha dàta aig ìre Alba air a bhriseadh sìos a rèir sia “ceàrnaidhean Gàidhlig”. Tha na ceàrnaidhean sin air am briseadh sìos mar a leanas:

a.

Na h-Eileanan Siar – tha seo co-ionann ris an roinn ùghdarras ionadail den aon ainm.

b.

An t-Eilean Sgitheanach & Loch Aillse - a’ riochdachadh, cho faisg ’s a ghabhas, an sgìre ùghdarras ionadail den aon ainm a bha ann ron Ghiblean 1996.

c.

An Còrr den Ghàidhealtachd (ach a-mhàin an t-Eilean Sgitheanach & Loch Aillse) - an còrr de roinn ùghdarras ionadail na Gàidhealtachd.

d.

Earra-Ghàidheal & Bòid - co-ionann ris an roinn ùghdarras ionadail den aon ainm aig an àm seo.

e.

Prìomh Cheàrnaidhean Gàidhlig Eile - eileanan Shiorrachd Àir a Tuath, ceann a tuath Pheairt & Ceann Rois agus roinnean comhairle ceann a tuath Shruighlea.

f.

An Còrr de dh’Alba.

5.  Tha toraidhean Cunntas-sluaigh 2001 gu lèir air an atharrachadh gus dìth fiosrachaidh measraichte anns a’ Chunntas-sluaigh a ghabhail a-steach stèidhichte air modh-obrachaidh Cunntas-sluaigh Àireamh a h-Aon, a chleachd toraidhean Sgrùdadh air Fiosrachadh Chunntas-sluaigh (tha barrachd fiosrachaidh mu Chunntas-sluaigh Àireamh a h-Aon ri fhaotainn air làrach-lìn GROS).  Ann an grunn chlàir san aithisg tha figearan bho Chunntas-sluaigh 1991 nach robh, mar a bha an fheadhainn airson 2001, air an atharrachadh airson dìth fiosrachaidh.  Mar sin chan eil figearan bho 1991 co-ionann ris an fheadhainn bho 2001.

6.  Airson tuilleadh fiosrachaidh mun chothrom air clàir a bharrachd, cuiribh fios gu Seirbheisean Luchd-dèilig.

English


Page last updated: 16 November 2006


If you have any comments about this website please use our contact form.

© Crown Copyright 2013