Click on image to return to General Register Office for Scotland - Homepage




Sòn Ionnsachaidh a’ Chunntas-sluaigh

Proifeasair GROSHi, ’s mise Proifeasair GROS. Fàilte gu Sòn Ionnsachaidh a’ Chunntas-sluaigh!  ’S mi ur neach-iùil mu Phròiseact Cunntas-sluaigh Sgoiltean na h-Alba.

’S e Alba san Àireamh pròiseact a tha ag amas air sgoiltean a bhrosnachadh gu bhith ag ionnsachadh mun Chunntas-sluaigh Nàiseanta agus feum a dhèanamh de stuth bho Chunntasan-sluaigh san àm a dh’fhalbh agus san àm a tha làthair. Ach chan e staitistig tioram a-mhàin a th’ ann!

’S ann a tha Sòn Ionnsachaidh a’ Chunntas-sluaigh mu dheidhinn daoine. Tha e mu dheidhinn far a bheil sinn a’ fuireach, ar luchd-dàimh, ar caraidean. Tha e mu dheidhinn ciamar a bhios sinn ag ionnsachadh agus ag obair. Tha e mu dhaoine aig an àm seo, agus san àm a dh’fhalbh. Agus tha e mun àm ri teachd.

Anns a’ chuid as motha de dhùthchannan air feadh an t-saoghail tha cunntas cunbhalach air co mheud duine a tha san àireamh-sluaigh. Anns an Rìoghachd Aonaichte bidh an cunntas air daoine – no Cunntas-sluaigh, gus an t-ainm ceart a thoirt dha – air a dhèanamh a h-uile 10 bliadhna. B’ ann an 1801 a bha a’ chiad Chunntas-sluaigh oifigeil ann am Breatann. Ann an Alba b’ e maighistirean-sgoile na sgìre a bhiodh a’ dèanamh a’ Chunntas-sluaigh suas gu 1831. B’ ann deich bliadhna às dèidh sin a rinneadh a’ chiad Chunntas-sluaigh coltach ris an fhear a rinneadh anns a’ Ghiblean 2001.

Bha 1.6 millean ann an àireamh-sluaigh na h-Alba aig a’ chiad Chunntas-sluaigh oifigeil ann an 1801. Bha e air dùblachadh gu 3.2 millean ann an 1861 – an-diugh tha 5.1 millean ann.

Feumaidh mòran bhuidhnean agus ghnìomhachasan fiosrachadh mu dhaoine gus am faigh iad air planaichean a dhèanamh airson seirbheisean a leasachadh, agus togalaichean agus bathar ùr a dhèanamh.

Bidh an Cunntas-sluaigh nàiseanta a’ tional fiosrachadh mun h-uile duine an Alba, Sasainn, a’ Chuimrigh agus Èirinn a Tuath. Tha a h-uile duine air a chunntadh. Ar teaghlach, ar luchd-dàimh agus ar caraidean. Feumaidh pàistean air an ùr-bhreith a bhith air an cunntadh. Agus na daoine as sine. Tha fiosrachadh air a thional cuideachd mu na togalaichean anns a bheil sinn a’ fuireach, teisteanasan foghlaim, agus eòlas-obrach.

Ma bha thu air do bhreith ro 22 Giblean 1991 agus a’ fuireach ann an Alba chaidh do chunntadh aig an àm sin. Bidh d’ ainm ann an clàran nam 5.1 millean duine a tha a’ dèanamh suas sluagh na h-Alba. Agus chaidh do chunntadh a-rithist air 29 Giblean 2001.

Ged is dòcha gun robh thu air do chunntadh air 29 Giblean 2001, cha tèid d’ ainm agus do sheòladh a thoirt do dhuine airson 100 bliadhna oir tha na clàran uile air an cumail dìomhair airson na h-ùine sin. Tha a h-uile nì eile mud dheidhinn – far a bheil thu a’ fuireach, co dha a tha thu càirdeach, dè an aois a tha thu, agus mar sin air adhart – air fhoillseachadh mar staitistig. ’S e liostaichean àireamhan a th’ annta sin, le na figearan a’ toirt dealbh mionaideach de shluagh na h-Alba

Ciamar a tha Cunntas-sluaigh ag obrachadh?

Brùth air na ceanglaichean gu h-ìosal airson tuilleadh fiosrachaidh, agus airson a dhol gu Leabharlann Dàta Cunntas-sluaigh nan Sgoiltean.

(Thoir fa-near: air sgàth atharrachaidhean anns na 100 bliadhna a dh’fhalbh air crìochan ùghdarrasan ionadail agus air ceistean a’ Chunntas-sluaigh, chaidh an dàta anns na clàran a shìmpleachadh airson adhbharan a’ phròiseict seo agus, mar sin, chan fhaighear coimeasan mionaideach an-còmhnaidh.)

B’ e sgioba a’ Phròiseact Cunntais airson Sgoiltean:
Leabhar agus gnìomhan Nòtaichean nan Tidsear: Seòras MacUilleim, The George A. S. Wilson Educational Consultancy,
Dealbh agus deasachadh leabhraichean: Lindsay Duffus agus Sue Moodie, Ionnsachadh agus Teagasg Alba, Dùn Deagh
Stòr-dàta a’ Chunntas-sluaigh: Frank Thomas, Sandra Chaimbeul, agus Roslyn Robertson, Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh airson Alba, Dùn Èideann
Teacsaichean làrach-lìn: Craig Lindsay, PRO Cunntas-sluaigh 2001, GROS, Eddie Turnbull agus Tormod MacIllìosa, GROS
Eadar-theangachadh Gàidhlig le Fosglan, Colaisde a' Chaisteil, Steòrnabhagh
Dealbh agus deasachadh làrach-lìn: Steven Fordyce, Maighistir-lìn GROS.
Agus taing gu sònraichte dha Jonathan Ashbridge, Calum Stiùbhairt, Michael Griffiths, Christine Baker, Ann Blackwood, Wilma Nic a’ Ghobhainn, Irene McDermaid, Ross Nisbet, Steven Allen, Bruno Longmore agus Helen Borthwick, GROS, agus Heather Brunton agus Elaine Edwards aig Tasglann Beatha na h-Alba, Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, airson a’ cuideachaidh a thug iad le dealbhan.

English

Air ais chun toiseach 

What do you want to do?




Page last updated: 24 October 2006


If you have any comments about this website please use our contact form.

© Crown Copyright 2008