Click on image to return to General Register Office for Scotland - Homepage

Sòn Ionnsachaidh a' Chunntas-sluaigh

Proifeasair GROS 

Dè th’ ann an Cunntas-sluaigh?

Thàinig am facal Cunntas bhon Laidinn Censere, a’ ciallachadh 'measadh'. ’S e Cunntas rudeigin a thathar a’ cunntadh, mar as trice daoine no seilbh. Tha Cunntasan-sluaigh a’ dol air ais mìltean de bhliadhnaichean. B’ e a’ chiad Chunntas-sluaigh ainmeil am fear a dh’òrdaich an t-Ìmpire Ròmanach Caesar Augustus a bha ag iarraidh gum biodh fios aige air a h-uile duine a bha a’ fuireach anns an Ìmpireachd aige gus am biodh "an domhan uile air a mheas" – b’ e seo an t-adhbhar a bha aig Iòseph tilleadh le Muire dha bhaile fhèin, Betlehem, gus am biodh e air a chunntadh, a bha am baile loma-làn agus gun rùm anns an taigh-òsta, agus a rugadh Ìosa ann an stàball. Faodaidh Cunntas a bhith na chunntas air co mheud càr, làraidh agus bus a bhios a’ cleachdadh slighe shònraichte. Faodaidh Cunntas a bhith air craobhan – ann an Ear-thuath na h-Alba sheall Cunntas a rinn Coimisean nan Coilltean gun robh faisg air 155,000 hectair de choille ann, meudachadh de 24,000 hectair bho 1980, agus gur e an giuthas Albannach a’ ghnè as cumanta. No dh’fhaodadh e a bhith na chunntas air co mheud pàiste a bhios a’ cleachdadh gàrradh-sgoile agus dè na geamannan a bhios iad a’ cluich.

English 

Air ais chun toiseach


Page last updated: 24 October 2006


If you have any comments about this website please use our contact form.

© Crown Copyright 2008