You are in: Home › Census › Sòn Ionnsachaidh a' Chunntas-sluaigh › Freagairtean do cheistean air Cunntasan-sluaigh › Cuin a tha na foirmean air an lìbhrigeadh? ›
Thog an 7,000 Neach-cunntaidh 2,500,000 Foirmean Teaghlaich air 9 Giblean 2001, còmhla ri mòran fhoirmean eile airson àiteachan anns an robh mòran luchd-còmhnaidh, mar taighean-òsta, ospadalan, ostailean, agus tallachan-còmhnaidh. Dh’fheumadh na foirmean sin a bhith air an lìbhrigeadh gu pearsanta ro 27 Giblean 2001. Gus seo a dhèanamh dh’fheumadh luchd-cunntaidh coiseachd a h-uile sràid, dìreadh a h-uile staidhre teanamant, agus siubhal ann an càr no air baidhsagal no air chois chun a h-uile taigh-tuathanais iomallach an Alba. ’S dòcha gum feumadh cuid de Luchd-cunntaidh a dhol ann am bàta gus na foirmean aca a lìbhrigeadh.
Page last updated: 24 October 2006
If you have any comments about this website please use our contact form.
© Crown Copyright 2008