Click on image to return to General Register Office for Scotland - Homepage

Sòn Ionnsachaidh a' Chunntas-sluaigh

Proifeasair GROS 

Ciamar a tha Cunntas-sluaigh air a dhèanamh?

Feumaidh Cunntas-sluaigh na h-Alba faisg air 8,000 duine airson obrachadh a-mach càit a bheil a h-uile duine a’ fuireach agus foirmean a lìbhrigeadh chun nan 2,500,000 dachaighean air fad. Thòisich luchd-obrach aig oifis Àrd-neach-clàraidh na h-Alba a’ planadh Cunntas-sluaigh 2001 glè ghoirid an dèidh dhaibh am fear mu dheireadh a chrìochnachadh. Tha Alba air a roinn ann an 22 ceàrnaidh, le Manaidsear agus luchd-taic anns gach ceàrn. Anns an Fhaoilleach ro Chunntas-sluaigh bidh iad a’ fastadh còrr air 7,000 duine, agus an uairsin gan trèanadh gus am bi lorg aca air a h-uile sràid agus a h-uile taigh anns a’ cheàrn aca. ’S e Luchd-cunntaidh a chanar ri na daoine sin, agus ’s e an obair a bhith a’ dèanamh cinnteach gun tèid foirm Cunntas-sluaigh chun a h-uile dachaigh agus gum bi fios aig a h-uile ceann-taighe – d’ athair, no do mhàthair – dè nì iad leis.

English  

Air ais chun toiseach


Page last updated: 24 October 2006


If you have any comments about this website please use our contact form.

© Crown Copyright 2008