Click on image to return to General Register Office for Scotland - Homepage

Sòn Ionnsachaidh a’ Chunntas-sluaigh

Proifeasair GROS

Fiosrachadh a bha thu ag iarraidh mu chunntasan-sluaigh

  1. Tha feum air faisg air 8000 duine airson pàipearan Cunntas-sluaigh a lìbhrigeadh an Alba.
  2. Lìbhrigidh iad timcheall air 2,500,000 foirm gu pearsanta gu gach dachaigh an Alba.
  3. Thòisich planadh airson Cunntas-sluaigh 2001 goirid às dèidh Cunntas-sluaigh1991 a chrìochnachadh.
  4. Thug e còrr air bliadhna mus robh a’ chiad staitistig bho 2001 air fhoillseachadh.
  5. Airson a’ chiad uair a-riamh chuir cinn-teaghlaich na foirmean Cunntas-sluaigh aca air ais tron phost, an àite iad a bhith air an tional le Neach-cunntaidh.
  6. Thug e trì seachdainean na foirmean uile a lìbhrigeadh, gu flataichean àrda, taighean-tuathanais iomallach, taighean-mòra, ostailean, ospadalan, taighean so-ghluasad, agus chun a h-uile seòrsa togalaich eile anns am bi daoine a’ fuireach.
  7. Rinn coimpiutairean grad-leughadh air na foirmean lìonte agus chuir iad am fiosrachadh gu lèir a-steach dha na clàran staitistigeil le glè bheag stiùiridh bho dhaoine. B’ e seo a’ chiad uair anns an Rìoghachd Aonaichte a bha coimpiutairean air an cleachdadh mar seo airson dàta Cunntais a chur a-steach. Ron àm seo dh’fheumadh e mòran luchd-clèireachd airson an obair a dhèanamh.
  8. Tha an Cunntas-sluaigh an Alba a’ cosg £3,000,000 gach bliadhna - no timcheall air cosgais cluicheadair ball-coise ann am Prìomh Lìog na h-Alba, no co-ionann ri na tha Riaghaltas na h-Alba a’ cosg rè gèam ball-coise.
  9. Tha clàran Cunntas-sluaigh airson nan 100 bliadhna a chaidh seachad, 25,000,000 sgrìobhainn air fad, ann an àite-stòraidh maireannach, tèarainte agus dìomhair, agus tha clàran eile, a’ dol air ais gu 1807, fosgailte don mhòr-shluagh airson rannsachadh, mar as trice airson craobhan-teaghlaich.
  10. Cha bhi am fiosrachadh pearsanta bho Chunntas-sluaigh 2001, ’s e sin ainmean agus seòlaidhean dhaoine, air a thoirt am follais airson 100 bliadhna.
  11. Cumaidh an dàta bho Chunntas-sluaigh 2001 luchd-staitistig ann an Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh airson Alba trang fad nan 10 bliadhna ri teachd – agus an uairsin bidh iad a’ tòiseachadh air Cunntas-sluaigh 2011.
  12. Tha iomadh duine ainmeil anns na clàran bho Chunntasan-sluaigh san àm a dh’fhalbh, bho na làithean a dh’fhalbh agus an latha an-diugh, bho a Mòrachd na Bànrigh, Sean Connery, gu Sir Arthur Conan Doyle agus an goilfear ainmeil, Tom Morris, leis an dreuchd aige air a mhìneachadh mar 'Prìomh Ghoilfear na h-Alba'.
  13. Ma bha thu air do bhreith ro 30 Giblean 2001 bidh d’ ainm ann an clàran Cunntas-sluaigh 2001.
  14. Tro chlàran a’ Chunntas-sluaigh gheibh thu fiosrachadh mun teaghlach agad a’ dol air ais còrr air 100 bliadhna.

English

Air ais chun toiseach


Page last updated: 24 October 2006


If you have any comments about this website please use our contact form.

© Crown Copyright 2008