Click on image to return to General Register Office for Scotland - Homepage

Sòn Ionnsachaidh a’ Chunntas-sluaigh

Proifeasair GROS

Ciamar a tha fiosrachadh bhon Chunntas-sluaigh air a rianachd?

Airson còrr air ceud bliadhna, bha mòran luchd-clèireachd nan suidhe aig deasgaichean ag ullachadh nan toraidhean bho Chunntas-sluaigh. Dh’fheumadh iad fiosrachadh a sgrìobhadh agus a chur còmhla bho na leabhraichean a lìon na daoine a thadhal anns a h-uile dachaigh gus fiosrachadh mu gach ball teaghlaich a chlàradh. B’ ann an 1911 a bha a’ chiad innealan cairt-tholltach air an cleachdadh; bha seo a’ ciallachadh gun robh pàirt den fhiosrachadh air a chunntadh leis an inneal (b’ e na h-innealan cairt-tholltach sin a thàinig ro choimpiutair an latha an-diugh). Ach ged a thàinig coimpiutairean eileagtronaigeach a-steach ann an 1961, bha rianachd foirmean Cunntas-sluaigh na dhian obair fhathast. Mar eisimpleir, ann an 1991 bha cha mhòr a h-uile foirm bho gach ceàrn de Bhreatainn air a chur gu ionad rianachd ann an Hillington faisg air Glaschu. Ann an sin thug sgioba de 550 oibriche còrr air bliadhna a’ cur an fhiosrachaidh a-steach len làimh bho na foirmean gus clàr air coimpiutair a dhèanamh de na toraidhean.

Ann an 1995 sheall Oifisean Cunntas-sluaigh na Rìoghachd Aonaichte ri mar a bha dùthchannan eile a’ glacadh fiosrachadh bho na foirmean Cunntas-sluaigh aca. Airson  Cunntas-sluaigh 2001 chaidh co-dhùnadh gum bu chòir sganairean adhartach a chleachdadh gus ìomhaighean didseatach a chruthachadh de gach duilleag air a h-uile foirm, agus an uairsin am fiosrachadh a bha sgrìobhte air na duilleagan sin a ghlacadh leis an sganair. Sheall deuchainnean gun robh aithneachadh strìochagan làmh-sgrìobhte agus caractaran le innealan air fàs glè phongail agus earbsach. Anns a’ Chunntas-sluaigh, an àite an còrr air 500 duine a dh’fheumar gus coimhead tron h-uile gin de 30 millean foirm na Rìoghachd Aonaichte agus fiosrachadh a chur a-steach don choimpiutar, bha na sganairean a’ grad-ghlacadh còrr air 500 millean ìomhaigh de dhuilleagan bho fhoirmean Cunntas-sluaigh 2001 agus a’ toirt às an fhiosrachaidh riatanaich.

Cha chuir innealan am fiosrachadh seo gu lèir a-steach don choimpiutair. ’S dòcha nach tuig am bathar-bog aithne otomataig  a h-uile rud a tha e a’ leughadh agus an uairsin feumaidh daoine co-dhùnadh dè bu chòir a chur a-steach ann.

’S e far-stuth den ghrad-leughadh gun deach clàr maireannach ullachadh air miocro-fhilm den h-uile ìomhagh air gach duilleag air a h-uile foirm. Thug seo cothrom na foirmean fhèin a chur à bith nuair a bhiodh an obair crìochnaichte, mar sin a’ sàbhaladh air cosgais stòraidh, oir chan iarr miocro-fhilm ach earrann bheag den rùm a dh’fheumar airson bogsaichean làn fhoirmean a stòradh – an àite taigh-bathair nì preasa faidhlidh mòr a’ chùis. Tha am fiosrachadh pearsanta a tha air a ghleidheadh air miocro-fhilm air a chumail dìomhair airson 100 bliadhna aig a’ char as lugha.

Nuair a bhios am fiosrachadh bunaiteach air a ghlacadh bho na foirmean Cunntas-sluaigh, feumar freagairtean, a tha sgrìobhte ann an teacsa, atharrachadh gu còdan a gheibh an coimpiutair air a chleachdadh an uairsin airson cunntadh agus cur ri chèile. A-rithist, anns an àm a dh’fhalbh, bha còdadh fiosrachaidh ag iarraidh mòran obrach. Airson Cunntas-sluaigh 2001 bha bathar-bog còdaidh innleachdach air a dhealbh a bha ag atharrachadh an teacsa a chaidh a ghlacadh gu còdan. Ach chan eil am bathar-bog fhathast cho tuigseach ri duine, agus dh’fheumte sgioba mhòr de dhaoine a bha fìor eòlach air còdadh a chleachdadh fhathast gus rian a chur air na cùisean doirbh (mar eisimpleir, nuair a tha dreuchd ga chòdadh, ’s dòcha gum bi e furasta gu leòr don choimpiutair còd a lorg airson "Tidsear Matamataig" ach cha bhi "Neach-cuideachaidh Foghlaim" cho furasta).

Airson Cunntas-sluaigh 2001 bha an glacadh agus còdadh fiosrachaidh bho na foirmean Cunntas-sluaigh airson na Rìoghachd Aonaichte gu lèir air a dhèanamh ann an Widnes an Cheshire, faisg air Poll a’ Ghrùthain. Anns an taigh-bathair, far an robh na foirmean air an cur air dòigh agus air an stòradh, agus aig an ionad rianachd, far an robh dàta air a ghlacadh agus air a chòdadh, bha mu 1,500 duine ag obair ann an dà shioft gus an obair glacaidh agus còdaidh a chrìochnachadh am broinn bliadhna.

Às dèidh don dàta a ghlacadh agus a chòdadh tha e air a chur gu Luchd-staitistig a’ Chunntas-sluaigh a tha air dòighean otomataig a dhealbh a nì am fiosrachadh iomlan agus cunbhalach mus tèid a chleachdadh aig a’ cheann thall airson an staitistig, a bhios ri fhaotainn le buidhnean agus daoine fa leth, ullachadh.

’S e staitistig a bhios anns na milleanan de phìosan dàta a tha air an ullachadh bho na foirmean. ’S iad sin cunntasan a tha a’ riochdachadh feart air choreigin a dh’fhaodar a choimeas ri feartan eile no an làimhseachadh air dhòigh eile. ’S e obair an neach-staitistig seo am fiosrachadh a chaidh a thional a chur ann an clasaichean feumail – mar bannan aoise, seòrsa àite-fuirich, buidhnean cosnaidh agus mòran eile – agus dealbh fìor mhionaideach de shluagh na Rìoghachd Aonaichte ullachadh bhuapa. Tha staitistig bhon Chunntas-sluaigh mar as trice ann an clàran a’ sealltainn aon fheart an coimeas ri feart eile.

Bidh an luchd-staitistig a’ cleachdadh an fhiosrachaidh airson atharrachaidhean thar ùine a chomharrachadh. Bho fiosrachadh Chunntas-sluaigh 2001 chì iad gu soilleir mar a tha an suidheachadh an coimeas ri Cunntas-sluaigh 1991 agus feadhainn eile romhpa.

’S e an rud as fhasa a leantainn an t-àrdachadh - agus a-rithist an t-ìsleachadh – ann an àireamh-sluaigh iomlan na h-Alba. Sheall Cunntas-sluaigh neo-oifigeil ann an 1753 àireamh-sluaigh iomlan de 1,265,380. Sheall a’ chiad Chunntas-sluaigh oifigeil ann an 1801 gun robh an àireamh-sluaigh aig 1,608,420. Ceud bliadhna às dèidh sin, ann an 1901, bha an àireamh iomlan air a dhol suas gu 4,472,103, agus chunnt an Cunntas-sluaigh ann an 1991 gun robh 5.1 millean duine a’ còmhnaidh an Alba. Ach, tha seo nas ìsle na am figear a b’ àirde a chaidh a chlàradh; b’ e sin 5,228,963 ann an 1971, agus tha clàran a chaidh an dèanamh o chionn ghoirid agus nach buin don Chunntas-sluaigh a’ ro-aithris gu bheil an àireamh-sluaigh fhathast a’ dol sìos.

Tha lìbhrigeadh nan staitistig sin a’ toirt cothrom do dhaoine, a tha ann an obair far am bithear ag ullachadh no a’ leasachadh sheirbheisean mar sgoiltean, goireasan spòrs, ospadalan, rathaidean, bùthan, factaraidhean agus mar sin air adhart, obrachadh a-mach càit a bheil am feum as motha air na goireasan sin agus planadh ciamar a bhios iad air an toirt do choimhearsnachdan ionadail.

English

Air ais chun toiseach


Page last updated: 24 October 2006


If you have any comments about this website please use our contact form.

© Crown Copyright 2008