You are in: Home › Census › Sòn Ionnsachaidh a' Chunntas-sluaigh › Carson a tha còdan puist air an cleachadh? ›

Tha timcheall air 138,000 còdan puist aig a’ Phost Rìoghail an Alba. Buinidh gach còd do timcheall air 16 seòlaidhean eadar-dhealaichte. Tha còdan puist aig dachaighean, oifisean, bùthan agus factaraidhean air tìr-mòr agus air a h-uile eilean air a bheil daoine a’ fuireach ach a-mhàin Hiort. Tha iad air an cleachdadh gus dèanamh cinnteach gum bi am post air a lìbhrigeadh gu luath agus gu ceart. ’S aithne dhan h-uile duine an còd puist aige fhèin. ’S e seo is coireach gun robh còdan puist nan eileamaid cho cudromach ann an rianachd a’ Chunntas-sluaigh anns na 25 bliadhna a chaidh seachad.
Le taighean ùra gan togail agus seòlaidhean ùra gan cruthachadh bidh Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh a’ cleachdadh Còdan Puist Suidhichte. ’S e còdan puist suidhichte a chanar ri na còdan puist a th’ ann suas chun na Dùbhlachd ro chunntas-sluaigh agus ’s iad a tha air an cleachdadh anns a’ chunntas-sluaigh. Rè rianachd a’ Chunntas-sluaigh thèid an còd puist suidhichte as freagarraiche a chur an àite còd puist sam bith a bhios air a thional ann an àireamhachd agus nach buin don t-seata seo.
Tha Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh airson Alba, a bhios a’ stiùireadh a’ Chunntas-sluaigh, air siostam coimpiutair a chruthachadh a bhios a’ ceangal nan còdan puist ri roinnean rianachd nas motha, mar a’ Chomhairle no a’ Uàrd ionadail agad.
Nuair a thig àm a’ Chunntas-sluaigh mu chuairt – a h-uile 10 bliadhna – bidh sgioba Tional Dàta a’ Chunntas-sluaigh a’ cleachdadh nan còdan puist airson mapaichean agus liostaichean a dhèanamh de sheòlaidhean anns na Sgìrean-àireamhachd. Mar seo cha bhi aig gach Neach-cunntaidh a dh’fheumas a dhol timcheall a’ lìbhrigeadh fhoirmean ri tadhal ach air timcheall air 400 seòladh.
Tha cuid de Sgìrean-àireamhachd glè mhòr oir tha iad ann an sgìrean dùthchail far a bheil daoine a’ fuireach ann an dachaighean a tha glè fhada bho chèile. Tha cuid de Sgìrean glè bheag oir tha an 400 seòladh uile taobh a-staigh grunn bhlocaichean de fhlataichean àrda.
Bidh a h-uile gin den 7,000 Neach-cunntaidh a’ faighinn liosta de sheòlaidhean agus mapa mòr-sgèile air a chruthachadh a dh’aona ghnothaich airson nan ceàrn shònraichte aca. Mar sin tha na còdan puist air an cleachdadh, le cuideachadh bho choimpiutar, gus am bi an t-aon thomhas de dh’obair aig gach Neach-cunntaidh ri dhèanamh.
Nuair a bhios na milleanan de fhoirmean air an tilleadh, agus am fiosrachadh air a leughadh agus air a chlàradh, bidh an luchd-staitistig a’ tòiseachadh a’ cur ri chèile nam mìltean de chlàran a tha a’ toirt dealbh mionaideach de shluagh na h-Alba. Aig an ìre seo tha na còdan puist air an cleachdadh a-rithist gus am fiosrachadh a chur còmhla ann an Ceàrnaidhean Fiosrachaidh às am bi an luchd-cleachdaidh - comhairlean roinneil, bùird slàinte, an riaghaltas, agus gnìomhachasan – a’ toirt an fhiosrachaidh a dh’fheumas iad.
Tha na còdan puist air an cleachdadh cuideachd gus dèanamh cinnteach nach aithnichear duine sam bith le bhith a’ cur an fhiosrachaidh anns na foirmean Cunntas-sluaigh còmhla ann an dòigh a nì cinnteach gum bi fiosrachadh a h-uile duine gu tur dìomhair.
Page last updated: 24 October 2006
If you have any comments about this website please use our contact form.
© Crown Copyright 2008