Click on image to return to General Register Office for Scotland - Homepage

Fios Naidheachd
Ro-Chunntas Air Sluagh Leodhais is na Hearadh

10 Faoilleach 2008
 

Bidh luchd-còmhnaidh Leòdhais is na Hearadh a’ dèanamh deuchainn air an ath chunntas-sluaigh an Alba, thuirt Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh airson Alba (GROS) an-diugh.

Gheibh mu 10,000 dachaigh ceisteachan mar phàirt den ro-chunntas san Earrach 2009. Cuidichidh freagairtean bho eileanaich GROS a’ measadh a bheil ceistean is lìbhrigeadh agus rianachd a’ chunntas-sluaigh freagarrach airson a’ chunntas air Alba gu lèir ann an 2011.

Bidh an ro-chunntas a’ ruith ann an dà phàirt de dh’Alba a’ gabhail a-steach 40,500 dachaigh ann an Dùn Èideann an Iar agus 10,400 anns na h-Eileanan an Iar. 

Thuirt an t-Àrd-neach-clàraidh Donnchadh MacGille Naoimh:

“Tha an cunntas-sluaigh a’ toirt dealbh soilleir air sluagh na h-Alba. Tha tuigse air dè an aois a tha na daoine, dè na cànanan a bhruidhinneas sinn agus dè cho fallain ’s a tha sinn a’ toirt cothrom do dh’ùghdarrasan ionadail planadh airson seirbheisean ri teachd a rèir mar a tha ar feuman ag atharrachadh.

“’S iad luchd-còmhnaidh anns na h-Eileanan an Iar agus Dùn Èideann an Iar a’ chiad fheadhainn a dh’fheuchas a-mach na ceistean a tha sinn an dùil fhaighneachd, agus an ullachaidh a tha sinn an dùil a dhèanamh, airson an ath chunntas-sluaigh an Alba  ann an 2011.

“Tha pàirt cudromach aig luchd-còmhnaidh Leòdhais agus na Hearadh ann an rannsachadh leasachaidhean ri ceisteachain agus fiosrachadh airson luchd-labhairt Gàidhlig.  Bidh GROS ag obair còmhla ri Bòrd na Gàidhlig airson na leasachaidhean sin a dhèanamh ann an 2008.

“Cuidichidh na freagairtean bho luchd-còmhnaidh Dhùn Èideann an Iar sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil na dòighean cunntais ceart againn airson daoine ann an ionadan coitcheann mar ospadalan, àiteachan-fuirich do dh’oileanaich agus dachaighean cùraim. 

“’S e taghadh na h-Eileanan an Iar agus Dùn Èideann an Iar a’ chiad cheum a dh’ionnsaigh ar ro-chunntas airson 2009. ’S e an ath cheum co-dhùnadh mun cheann-là agus na ceistean a bhios sinn a’ faighneachd. Tha sinn a’ sùileachadh seo a dhèanamh as t-Earrach. Bidh ceisteachain air an lìbhrigeadh gu dachaighean ann an tìde airson latha an ro-chunntas ann an 2009.

“Bidh freagairtean a h-uile duine air an cumail dìomhair. Bidh na freagairtean agus na beachdan a thig air ais air an sgrùdadh gus ar cuideachadh a’ cur nan ceistean ceart agus a’ dèanamh an ullachaidh as fheàrr airson Cunntas-sluaigh Alba 2011.”

English


Page last updated: 8 January 2008


If you have any comments about this website please use our contact form.

© Crown Copyright 2008