You are in: Home › About Us › Mur Deidhinn ›
Tha Oifis Choitcheann a’ Chlàraidh airson Alba (GROS) a’ riaghladh clàradh thachartasan mar breith, bàs, pòsadh, com-pàirteachas catharra, sgaradh-pòsaidh agus uchd-mhacachd, agus le uallach airson nan reachdan a bhuineas do riaghailtean pòsaidh agus riaghladh pòsadh catharra. Bidh sinn a’ dèanamh cunntas-sluaigh na h-Alba a h-uile deich bliadhna agus ag ullachadh agus a’ foillseachadh staitistig mu àireamh-sluaigh agus rudan eile don Riaghaltas nàiseanta agus ionadail, airson rannsachadh meidigeach agus don roinn phrìobhaideach. Bidh sinn cuideachd a’ toirt cothrom do dhaoine air clàran poblach mu dhaoine fa leth, agus a’ cumail Clàr Nàiseanta Sheirbheis na Slàinte (National Health Service Central Register) do Riaghaltas na h-Alba. Tha GROS fo stiùireadh Duncan Macniven, Àrd-neach-clàraidh airson Alba.
Tha dleastanas reachdail aig an Àrd-neach-clàraidh aithisg a dhèanamh gach bliadhna air diofar chùisean staitistigeil. Tha an Aithisg Bhliadhnail (Annual Report) seo an uair sin air a cur air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba leis a’ Phrìomh Mhinistear. Tha geàrr-chunntas ann de na tha a’ tachairt an Alba, stèidhichte air dàta sluaigh air a chruinneachadh airson na bliadhna shlàn mu dheireadh. An cois na h-aithisg bhliadhnail tha seata de Chlàran Fiosrachaidh (Reference Tables) le fiosrachadh mionaideach air breith, bàs (a’ gabhail a-steach fiosrachadh air adhbhar-bàis), pòsadh, sgaradh-pòsaidh, agus tuairmsean air àireamh-sluaigh airson an aon ùine. Bidh sinn cuideachd ag ullachadh Cunntas Ràitheil (Quarterly Return) sealach le dàta sluaigh mun bhliadhna sin. Còmhla ris an diofar staitistig gnàthach (a’ gabhail a-steach staitistig cunntas-sluaigh na h-Alba) a tha ri fhaotainn, bidh sinn ag ullachadh toradh staitistig eile ma thèid iarraidh.
Page last updated: 14 May 2007
If you have any comments about this website please use our contact form.
© Crown Copyright 2008